Acts 27:12 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a chionn 's nach robh an cala freagarrach airson geamhrachadh ann, chuir a' mhòr‑chuid romhpa seòladh à sin, nam b' urrainn dhaibh air dhòigh air choreigin Phenice a ruigsinn, cala le Crete a bha a' coimhead an dà chuid an iar‑dheas agus an iar‑thuath, agus geamhrachadh an sin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus a chionn gu robh an caladh neo-iomchaidh gus an geamhradh a chaitheamh ann, b’i comhairle na cuid a bu mhò seòladh as a sin mar an ceudna, agus nam faodadh iad air chor sam bith teachd gu Phenice, caladh de Chrete a tha ag amharc a‑chum an iar-dheas, agus an iar-thuath, agus fantainn rè a’ gheamhraidh an sin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus a chionn gu robh an caladh neo‐iomchaidh gus an geamhradh a chaitheamh ann, b’i comhairle na cuid a bu mhò seòladh as a sin mar an ceudna, agus nam faodadh iad air chor sam bith teachd gu Phenice, caladh de Chrete a tha ag amharc a‑chum an iar‐dheas, agus an iar‐thuath, agus fantainn rè a’ gheamhraidh an sin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus bho nach robh an cala goireasach gu geamhrachadh ann, bʼ e comhairle na cuid bu mhua seoladh as a sin, fiach am bʼ urrainn daibh an doigh air bith Phenicé thoirt a mach, cala de Chrete a tha sealltuinn ris an iar-dheas agus an iar-thuath, agus geamhrachadh an sin.