Acts 27:21 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nuair a bha iad air a bhith gun bhiadh airson ùine mhòir, sheas Pòl suas nam measg is thuirt e, “Fheara, bu chòir dhuibh a bhith air èisteachd riumsa agus gun seòladh à Crete 's air am milleadh 's an call mòr seo a sheachnadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach air dhuinn a bhith fada nar trasg, an sin air seasamh do Phòl nam meadhon, thubhairt e, Fheara, bu chòir dhuibh mo chomhairle-sa a ghabhail, agus gun fhuasgladh o Chrete, agus an dochann agus an call seo a sheachnadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach air dhuinn a bhith fada nar trasg, an sin air seasamh do Phòl nam meadhon, thubhairt e, Fheara, bu chòir dhuibh mo chomhairle‐sa a ghabhail, agus gun fhuasgladh o Chrete, agus an dochann agus an call seo a sheachnadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus an deigh dhaibh bhith moran uine ʼnan traisg, thuirt Pol, ʼs e seasamh suas ʼnam miadhon: O dhaoine, bu choir dhuibh gu dearbh a bhith air eisdeachd riumsa, ʼs gun togail a mach á Crete, agus an dolaidh ʼs an call so sheachnadh.