Acts 28:16 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a thàinig sinn a‑steach dhan Ròimh, chaidh leigeil le Pòl fuireach leis fhèin, còmhla ris an t‑saighdear a bha ga gheàrd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a thàinig sinn don Ròimh thug an ceannard-ceud thairis na prìosanaich do cheannard an fhreiceadain: ach thugadh comas do Phòl a bhith leis fhèin, maille ri aon saighdear a bha ga ghleidheadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a thàinig sinn don Ròimh thug an ceannard‐ceud thairis na prìosanaich do cheannard an fhreiceadain: ach thugadh comas do Phòl a bhith leis fhèin, maille ri aon saighdear a bha ga ghleidheadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a rainig sinn an Roimh, leigeadh le Pol tamh leis fhein comhla ri saighdear, a bha ga ghleidheadh.