Acts 28:17 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thachair, às dèidh trì latha, gun do ghairm e còmhla ceannardan nan Iùdhach, agus nuair a bha iad air cruinneachadh, thuirt e riutha, “A bhràithrean, ged nach robh mise air dad a dhèanamh an aghaidh ar sluaigh no ghnàthasan ar n‑athraichean, a dh'aindeoin sin chaidh mo thoirt thairis mar phrìosanach o Ierusalem a‑steach do làmhan nan Ròmanach.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS an deigh an treas latha, ghairm e cruinn maithean nan Iudhach. Agus air dhaibh cruinneachadh, thuirt e riu: A dhaoine ʼsa bhraithrean, gun mi dhianamh ni an aghaidh a phobuill no cleachdadh nan aithrichean, liubhradh mi na mʼ phriosanach bho Ierusalem do lamhan nan Romanach: