Acts 28:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir tha cridhe an t‑sluaigh seo air fàs mì‑mhothachail; len cluasan is gann gun cluinn iad agus dhùin iad an sùilean, air eagal 's gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tionndaidheadh iad, agus gun slànaichinn iad.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus tha iad a’ cluinntinn gu trom len cluasan, agus chaog iad an sùilean; air eagal gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tilleadh iad agus gun slànaichinn-sa iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus tha iad a’ cluinntinn gu trom len cluasan, agus chaog iad an sùilean; air eagal gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tilleadh iad agus gun slànaichinn‐sa iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir tha cridhe a phobuill so air fàs marbhanta, us dhʼ eisd iad gu mall le ʼn cluasan agus dhuin iad an suilean: air eagal ma dhʼ fhaoidte gum faiceadh iad le ʼn suilean, ʼs gun cluinneadh iad le ʼn cluasan, ʼs gun tuigeadh iad le ʼn cridhe, ʼs gum biodh iad air an iompachadh, agus gun leighisinn iad.