Acts 4:7 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a bha iad air an suidheachadh sa mheadhan dh'fhaighnich iad, “Dè an cumhachd, no dè an t‑ainm leis an do rinn sibh seo?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS gan cur sa mhiadhon, dhʼ fharraid iad: Ciod a chumhachd, no ciod an t-ainm anns an dʼ rinn sibh so?