Acts 5:15 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
air chor 's gun tug iad fiù 's a‑mach na h‑euslaintich dha na sràidean agus gun do shìn iad air leapannan is air sìneadairean iad, airson 's nuair a ghabhadh Peadar seachad gun tuiteadh fiù 's fhaileas orra.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach-eigin aca.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach‐eigin aca.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ionnus gun tug iad a mach na daoine tinn thun nan straidean, agus gun do chuir iad air leabaichean ʼs air uirighean iad, los, air tighinn do Pheadar, gun cuireadh fhaileas an car is lugha sgàil air feareigin dhiu, ʼs gum biodh iad air an leigheas bho ʼn eugailean.