Acts 5:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chruinnich an sluagh cuideachd o na bailtean mu thimcheall air Ierusalem, a' toirt leotha euslainteach is feadhainn a bha a' fulang le spioradan neòghlan, agus bha iad uile air an leigheas.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàinig mar an ceudna mòr-shluagh as na bailtean mun cuairt air Ierusalem a’ toirt leo muinntir easlain, agus dream a bha air an cràdh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad uile.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàinig mar an ceudna mòr‐shluagh as na bailtean mun cuairt air Ierusalem a’ toirt leo muinntir easlain, agus dream a bha air an cràdh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad uile.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus ghreas mor-shluagh mar an ciadna as na bailtean sa choimhearsnachd gu Ierusalem, a toirt leo nan daoine tinne, agus iadsan a bha air an sarachadh le spioraid neo-ghlan; us chaidh an leigheas uile.