Acts 5:24 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A‑nis nuair a chuala an caiptean agus na h‑àrd‑shagartan na briathran seo, bha iad fo imcheist mhòr mun deidhinn, a thaobh dè a thigeadh às a seo.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑nis nuair a chuala an t‑àrd-shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑nis nuair a chuala an t‑àrd‐shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A nis nuair a chuala riaghladair an teampuill ʼs na h-ardʼ-shagairt na facail so, bha iad an teagamh mu ʼn deidhinn, ciod a thachradh.