Acts 5:25 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach thàinig cuideigin agus thug e an cunntas seo dhaibh: “Seallaibh! Tha na daoine a chuir sibh dhan phrìosan nan seasamh san teampall agus a' teagasg an t‑sluaigh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thàinig neach àraidh agus dh’innis e dhaibh, ag ràdh, Feuch, tha na daoine a chuir sibh anns a’ phrìosan nan seasamh anns an teampall, agus a’ teagasg a’ phobaill.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thàinig neach àraidh agus dh’innis e dhaibh, ag ràdh, Feuch, tha na daoine a chuir sibh anns a’ phrìosan nan seasamh anns an teampall, agus a’ teagasg a’ phobaill.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach thainig duine, us dhʼinnis e dhaibh: Seall, na daoine a chuir sibh am priosan, tha iad ʼnan seasamh san teampull ʼsa teagasg an t-sluaigh.