Acts 5:39 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach mas ann o Dhia a tha e, chan urrainn dhuibhse an tilgeil sìos, gun fhios nach biodh sibh air ur faighinn a' cogadh an aghaidh Dhè!” Mar sin dh'aontaich iad ris,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach mas ann o Dhia a tha i, chan urrainn sibhse a cur gu neo-bhrìgh: air eagal gun tàrladh gum faighear sibh eadhon a’ cogadh an aghaidh Dhè.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach mas ann o Dhia a tha i, chan urrainn sibhse a cur gu neo‐bhrìgh: air eagal gun tàrladh gum faighear sibh eadhon a’ cogadh an aghaidh Dhè.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach ma tha e bho Dhia; cha n-urrainn duibh cur as da, air eagal gum faighear sibh ma dhʼfhaoidte a cath an aghaidh Dhe. Agus dhʼ aontaich iad leis.