Acts 5:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhad 's a bha e agad, nach b' ann leat a bha e? Agus às dèidh a reic, nach robh còir agad air? Carson a shuidhich thu nad chridhe an gnìomh seo a dhèanamh? Cha b' ann do dhaoine a dh'innis thu breug ach do Dhia.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fhad ʼsa bha e agad nach bu leat fhein e? ʼs an deigh a reiceadh nach robh e na dʼ chomas fhein? Car-son a dhealbh thu so na dʼ chridhe? Cha n-ann do dhaoine, ach, do Dhia a rinn thu briag.