Acts 5:8 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt Peadar rithe, “Innis dhòmhsa an do reic sibh an talamh seo airson na h‑uiread seo?” Agus thuirt ise, “Seadh, airson na h‑uiread sin.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus fhreagair Peadar i, Innis dhòmhsa an ann air an uiread seo a reic sibh am fearann? Agus thubhairt ise, Is ann, airson an uiread sin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus fhreagair Peadar i, Innis dhòmhsa an ann air an uiread seo a reic sibh am fearann? Agus thubhairt ise, Is ann, airson an uiread sin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt Peadar rithe: Innis dhomh, a bhoirionnaich, an ann air an urad so a reic sibh am fearann? Agus thuirt ise: ʼSann air an urad sin.