Acts 7:31 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongnadh mun t‑sealladh, agus fhad 's a theann e dlùth airson coimhead, thàinig guth an Tighearna thuige:
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongantas mun t‑sealladh; agus air dha teachd am fagas gu beachdachadh air, thàinig guth an Tighearna da ionnsaigh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongantas mun t‑sealladh; agus air dha teachd am fagas gu beachdachadh air, thàinig guth an Tighearna da ionnsaigh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us ghabh Maois, ri faicinn so, ioghnadh as an t-sealladh; ʼs air da tarruinn dluth gu beachd a ghabhail air, thainig guth an Tighearna ga ionnsuidh, a g-radh: