Acts 7:34 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a th' anns an Èipheit, agus chuala mi an osna‑san, agus tha mi air tighinn a‑nuas airson an saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi dhan Èipheit thu.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Eiphit thu.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Èiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Èiphit thu.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A faicinn chunnaic mi amhghar mo phobuill a tha san Eiphit, us chuala mi an osnaich, agus thainig mi nuas gus an saoradh. Agus a nis thig, us cuiridh mi do ʼn Eiphit thu.