Acts 7:5 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù 's troigh talmhainn, ach gheall e gun toireadh e mar sheilbh dha fhèin 's dha shliochd i, às a dhèidh, ged nach robh duine cloinne aige.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh, ged nach robh fhathast duine cloinne aige.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh, ged nach robh fhathast duine cloinne aige.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS cha tug e oighreachd dha ann, cha tug uibhir ʼs ceum coise: ach gheall e a thoirt ʼna sheilbh dha, agus dha shliochd ʼna dheigh, ʼs e fhathast gun mhac.