Acts 8:1 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus bha Saul ag aontachadh le a mhurt. Agus air an latha sin dh'èirich geur‑leanmhainn mòr an aghaidh na h‑eaglaise ann an Ierusalem, agus bha iad uile air an sgapadh air feadh cheàrnaidhean Iudèa is Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs‐san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur‐leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus rinneadh anns an àm sin geur-leanmhuinn mhor an aghaidh na h-eaglais a bha ann an Ierusalem, agus sgapadh iad uile, ach na h-ostail, air feadh dhuchannan Iudéa us Shamaria.