Acts 8:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach bha duine ann dham b' ainm Sìmon, a rinn draoidheachd sa bhaile agus a chuir iongnadh air muinntir Shamaria, ag ràdh gum b' e cuideigin mòr a bh' ann fhèin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach‐eigin mòr e fhèin:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Uime sin bha aoibhneas mor anns a bhaile sin. A nis bha duine araid, dha ʼm bʼ ainm Simon, a bha roimh sin ʼna dhraoidh sa bhaile sin, a mealladh muinntir Shamaria, a g-radh gum bu neach-eigin mor e fhein;