Acts 9:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach ghabh Barnabas grèim air agus thug e gu na h‑abstoil e agus dh'innis e dhaibh mar a bha e air an Tighearna fhaicinn air an rathad is gun do bhruidhinn e ris agus mar a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas ann an ainm Ìosa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach ghabh Barnabas da ionnsaigh e, agus thug e a‑chum nan abstol e, agus chuir e an cèill dhaibh cionnas a chunnaic e an Tighearna anns an t‑slighe, agus gun do labhair e ris, agus cionnas a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas an ainm Iosa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach ghabh Barnabas da ionnsaigh e, agus thug e a‑chum nan abstol e, agus chuir e an cèill dhaibh cionnas a chunnaic e an Tighearna anns an t‑slighe, agus gun do labhair e ris, agus cionnas a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas an ainm Iosa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach ghabh Barnabas e, us thug e thun nan ostal e; us dhʼ aithris e dhaibh mar a chunnacas leis air an t-slighe an Tighearna, a labhair ris cuideachd, agus mar dhʼ oibrich e gu misneachail ann an Damascus an ainm Iosa.