Colossians 1:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir leis‑san chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh, air nèamh 's air thalamh, faicsinneach is neo‑fhaicsinneach, ge b' e àrd‑chathraichean no tighearnasan no uachdaranachdan no ùghdarrasan: is ann troimheasan 's air a shon‑san a chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir is ann leis‐san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo‐fhaicsinneach, mas àrd‐chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis‐san agus air a shon‐san a chruthaicheadh na h‑uile nithean:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir annsan chruthaicheadh a h-uile ni air neamh agus air talamh, faicinneach agus neo-fhaicinneach, co-dhiu is cathraichean iad, no uachdranachdan, no prionnsachdan, no cumhachdan: chruthaicheadh a h-uile ni leis agus ann;