Colossians 2:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
às dèidh dhuibh a bhith air ur freumhachadh 's air ur togail suas annsan, agus air ur dearbhadh sa chreideamh, dìreach mar a chaidh a theagasg dhuibh, a' cur thairis le taingealachd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith‐buidheachais.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Air ur friamhachadh ʼs air ur togail suas annsan, ʼs air ur daingneachadh an creideamh, ceart mar a dhʼ ionnsuich sibh, a toirt buidheachais dha gu pailt.