Ephesians 2:3 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
's nam measg bha sinne cuideachd beò roimhe ann an ana‑miannan ar feòla, a' dèanamh toil na feòla is nan smuaintean, agus bha sinn, a thaobh nàdair, nar cloinn na feirge, dìreach mar chàch.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh‐beatha roimhe seo, ann an ana‐miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Anns an robh sinn uile mar an ciadna aon uair a caithe ar beatha ann am miannan ar feola, a dianamh toil na feola agus a smaointean, agus a bha sinn a thaobh naduir ʼnar cloinn feirge, mar bha càch: