Ephesians 6:13 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin, togaibh suas làn‑armachd Dhè, airson 's gum bi sibh comasach air ‘cur an aghaidh’ san latha olc agus às dèidh a h‑uile sìon a dhèanamh, seasamh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin glacaibh dur n‑ionnsaigh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh a’ bhuairidh anns an droch là, agus air dhuibh na h‑uile nithean a dhèanamh a‑chum seasamh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin glacaibh dur n‑ionnsaigh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh a’ bhuairidh anns an droch là, agus air dhuibh na h‑uile nithean a dhèanamh a‑chum seasamh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Air an aobhar sin glacaibh armachd Dhe ann an rathad ʼs gur urrainn duibh seasamh anns an droch latha, agus seasamh gu coimhlionta anns gach ni.