Galatians 1:23 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
ach a‑mhàin, bha iad ga chluinntinn air a ràdh, “Tha esan a b' àbhaist a bhith gar geur‑leanmhainn a‑nis a' searmonachadh a' chreideimh a dh'fheuch e ri sgrios aig aon àm.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach a‑mhàin chuala iad, An tì anns an àm a chaidh seachad a bha gar geur-leanmhainn, gu bheil e a‑nis a’ searmonachadh a’ chreidimh a bha e a’ sgrios roimhe seo:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach a‑mhàin chuala iad, An tì anns an àm a chaidh seachad a bha gar geur‐leanmhainn, gu bheil e a‑nis a’ searmonachadh a’ chreidimh a bha e a’ sgrios roimhe seo:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach a mhain bha iad air cluinntinn: Gum beil esan, a rinn geur-leanmhuinn oirnn a chianamh, a nis a teagasg a chreidimh, a bha e air uair a sgriosadh;