Galatians 2:6 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach on fheadhainn sin air an robh meas gum bu chuideigin iad (chan eil ge b' e dè a bh' annta a' dèanamh diofar dhòmhsa, chan eil suim aig Dia do choltas duine) — oir iadsan air an robh meas, cha tug iad sìon dhòmhsa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach on dream sin a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, ciod air bith a bha iad roimhe, chan eil suim ann dhòmhsa: chan eil suim aig Dia de phearsa duine, oir iadsan a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, cha do phàirtich iad len còmhradh a’ bheag sam bith riumsa:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach on dream sin a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, ciod air bith a bha iad roimhe, chan eil suim ann dhòmhsa: chan eil suim aig Dia de phearsa duine, oir iadsan a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, cha do phàirtich iad len còmhradh a’ bheag sam bith riumsa:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach bhuatha-san, dhe ʼn robhas a saoilsinn rud-eigin (ciod a bha iad uaireigin, cha bhuin e dhomhsa: cha n-eil Dia dianamh leth-bhreth air pearsa duine), cha dʼ fhuair mise, bhuatha-san, dhe ʼn do shaoileadh rudeigin, a bheag air bith.