Galatians 2:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus ag aithneachadh a' ghràis a chaidh a thoirt dhomh, thug Seumas is Cèphas is Eòin — a bh' air am meas a bhith nan colbhan — dhòmhsa is do Bharnabas deas‑làimh a' chomainn airson 's gun deigheadh sinne gu na Cinnich agus iadsan chun an timcheall‑ghearraidh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall-ghearraidh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall‐ghearraidh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus nuair a thuig iad na grasan a thugadh dhomhsa, thug Seumas us Cephas us Eoin, a bhathas a meas ʼnan cinn-steidh, deas lamh a chomuinn dhomh agus do Bharnabas, gus sinne dhol thun nan cinneach, ach iadsan thun an timchioll-ghearraidh: