Galatians 4:15 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Càite mar sin a bheil ur beannachd? Oir tha mi a' dèanamh fianais dhuibh, nam b' e is gun robh e an comas, gum biodh sibh air ur sùilean fhèin a spìonadh a‑mach 's air an toirt dhòmhsa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ciod e, mas eadh, an sonas sin a bha agaibh? Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh, nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a‑mach ur sùilean fhèin, agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ciod e, mas eadh, an sonas sin a bha agaibh? Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh, nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a‑mach ur sùilean fhèin, agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Càite nis a bheil ur sonas? Oir tha mi toirt teisteanais oirbh, nan gabhadh e dianamh, gun spionadh sibh a mach ur suilean, ʼs gun tugadh sibh dhomhsa iad.