Galatians 6:15 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir cha mhotha a tha timcheall‑ghearradh na shìon, no neo‑thimcheall ghearradh, ach cruthachadh ùr.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir ann an Iosa Crìosd chan eil èifeachd air bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an cruthachadh nuadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir ann an Iosa Crìosd chan eil èifeachd air bith ann an timcheall‐ghearradh, no ann an neo‐thimcheall‐ghearradh, ach ann an cruthachadh nuadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir ann an Iosa Criosta cha n-eil leas air bith anns an timchioll-ghearradh, no anns an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an creutair ùr.