Hebrews 10:34 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir bha co‑fhaireachadh agaibh do phrìosanaich, agus ghabh sibh le gàirdeachas ri creachadh ur cuid, agus deagh fhios agaibh gu bheil maoin nas fheàrr 's nas maireannaiche agaib' fhèin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir ghabh sibh truas riusan a bha an ceanglaichean, us chuir sibh suas le aoibhneas ri spuilleadh ur cuid, a tuigsinn gum beil maoin nas fhearr, ʼsa mhaireas agaibh.