Hebrews 11:21 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tro chreideamh, nuair a bha e a' bàsachadh, bheannaich Iàcob gach fear dhe na mic aig Iòsaph, agus rinn e adhradh 's a chuideam air bàrr a bhata.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tre chreideamh bheannaich Iàcob, aig faghail bàis dha, dithis mhac Iòseiph; agus rinn e adhradh, a’ leigeadh a chudthrom air bàrr a bhata.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tre chreideamh bheannaich Iàcob, aig faghail bàis dha, dithis mhac Iòseiph; agus rinn e adhradh, a’ leigeadh a chudthrom air bàrr a bhata.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Le creideamh, ʼs e aig a bhàs, bheannaich Iacob gach fear de mhic Ioseiph, agus thug e aoradh do cheann a shlaite.