Hebrews 11:35 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhuair boireannaich air ais na mairbh aca tro aiseirigh, agus bha feadhainn eile air am pianadh, a' diùltadh a bhith air an saoradh airson aiseirigh na b' fheàrr fhaighinn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Fhuair mnathan am mairbh air an togail a‑rìs gu beatha: agus chràidh-phianadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa; a‑chum gum faigheadh iad aiseirigh a b’fheàrr.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Fhuair mnathan am mairbh air an togail a‑rìs gu beatha: agus chràidh‐phianadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa; a‑chum gum faigheadh iad aiseirigh a b’fheàrr.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fhuair mnathan am mairbh air an toirt beo rithist. Ach riaslaicheadh feadhainn eile gun saorsuinn a ghabhail, gus iad a ruighinn air aiseirigh nas fhearr.