Hebrews 2:1 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
As leth sin is còir dhuinn na nichean a chuala sinn a chumail le barrachd dichill, air eagal ma dhʼ fhaoidte gun leig sinn ruith leo.