Hebrews 4:11 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Feuchamaid ma‑thà air a dhol a‑steach dhan fhois sin air eagal 's gun tuit fear sam bith a rèir an aon seòrsa eiseimpleir de dh'eas‑ùmhlachd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Dèanamaid dìcheall uime sin air dol a‑steach don t‑suaimhneas sin, air eagal gun tuit aon neach a rèir eisempleir cheudna a’ mhì-chreidimh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Dèanamaid dìcheall uime sin air dol a‑steach don t‑suaimhneas sin, air eagal gun tuit aon neach a rèir eisempleir cheudna a’ mhì‐chreidimh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Greasamaid oirnn ma ta gu dol a stigh do ʼn fhois sin: air eagal gun tuit neach air bith ann an samhladh a mhi-chreidimh chiadna.