Hebrews 5:7 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fad nan làithean a bha e san fheòil, às dèidh dha ùrnaighean is ìmpidhean a thairgsinn suas, le caoineadh cruaidh is deòir, ris‑san a b' urrainn a shàbhaladh on bhàs, chaidh èisteachd ris na ùmhlachd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd‐èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Neach ann an laithean a fheola, a cur suas urnaighean agus achanaich le cruaidh ghaoir, ʼs le deoir ris-san, a bha comasach air a thearnadh bho ʼn bhàs, fhuair e eisdeachd as leth a mhor mhodh.