Hebrews 6:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach eadhon ma bhruidhneas sinn san dòigh seo, a luchd‑gràidh, tha ìmpidh oirnn rudan nas fheàrr a chreidsinn mur deidhinn‑se agus mu rudan a tha co‑cheangailte ri sàbhaladh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall-se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall‐se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach, a mhuinntir mo mhor ghraidh, tha sinn earbsach á nichean nas fhearr bhuaibhse, agus nas tinne air sabhaladh, ged tha sinn a labhairt mar so.