Hebrews 7:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin, ma thàinig foirfeachd tron t‑sagartachd Lèbhitheach, on a fhuair daoine na laghannan aca air a' bhunait sin, carson a bha barrachd feum air sagart eile èirigh a rèir òrduigh Mhelchisedeic agus gun e idir air ainmeachadh a rèir òrdugh Aaroin?
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach, (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ma bha coimhliontachd ma ta ri faighinn leis an t-sagartachd lebhiteach (oir ʼsann foipe a fhuair am pobull an lagh), ciod am feum tuilleadh air sagart eile eirigh a reir ordugh Mhelchisedeic, ʼs nach biodh air a ghairm a reir ordugh Aaroin?