Hebrews 8:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
'S e seo an cùmhnant a nì mi ri taigh Israeil às dèidh nan làithean sin, ars an Tighearna. Cuiridh mi mo laghannan nan n‑inntinnean agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan. Agus bidh mise nam Dhia dhaibhsan agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Chionn se so an tiomnadh a ni mi do thigh Israil, an deigh nan laithean sin, os an Tighearna: Cuiridh mi mo laghan ʼnan inntinn, us sgriobhaidh mi iad air an crìdhe; agus bithidh mise na mʼ Dhia dhaibh, agus bithidh iadsan ʼnam pobull dhomhsa;