Hebrews 8:11 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus cha teagaisg neach sam bith a choimhearsnach, no neach sam bith a bhràthair, ag ràdh, ‘Biodh eòlas agad air an Tighearna,’ a chionn 's gum bi eòlas aca uile orm, on fhear as lugha dhiubh chun an fhir as motha.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus cha teagaisg iad gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabh eòlas air an Tighearna: oir bidh eòlas aca uile orm, on neach as lugha gus an neach as mò dhiubh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus cha teagaisg iad gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabh eòlas air an Tighearna: oir bidh eòlas aca uile orm, on neach as lugha gus an neach as mò dhiubh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus cha theagaisg gach aon a choimhearsnach, ʼs gach aon a bhrathair, a g-radh: Biodh eolas agad air an Tighearna: chionn bithidh eolas aca uile ormsa bho ʼn aon is lugha dhiu gus an t-aon is mua: