Hebrews 8:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chan ann a rèir a' chùmhnaint a rinn mi ris na h‑athraichean aca nuair a thug mi iad lem làimh airson an treòrachadh a‑mach à tìr na h‑Èipheit, oir cha do dh'fhan iad dìleas rim chùmhnant, agus cha robh cùram agam dhaibh, ars an Tighearna.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Eiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Èiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Cha n-ann a reir an tiomnaidh a rinn mi dha ʼn aithrichean, air an latha a rug mi air laimh orra, gus an toirt a mach á talamh na h-Eiphit: a chionn nach do lean iadsan ri mʼ thiomnadh; ʼs cha robh omhail agam dhaibh, os an Tighearna: