James 3:13 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Cò a tha glic agus tuigseach nur measg? Sealladh e, tro a dheagh chaitheamh‑beatha, a chuid obraichean ann an ciùineas a' ghliocais.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Cò a tha na dhuine glic agus aig a bheil eòlas nur measg? Nochdadh e à deagh chaitheamh-beatha, a obraichean fhèin le ceannsachd gliocais.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Cò a tha na dhuine glic agus aig a bheil eòlas nur measg? Nochdadh e à deagh chaitheamh‐beatha, a obraichean fhèin le ceannsachd gliocais.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Co tha ʼna dhuine glic ʼs air fhaghlum ʼnur measg? Fiachadh e le deagh ghiulan ʼobair fhein ann an ciuine a ghliocais.