James 5:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Seallaibh, measaidh sinne beannaichte an fheadhainn a bha leanaltach. Chuala sibh mu leanaltas Ioib is chunnaic sibh rùn an Tighearna, gu bheil an Tighearna iochdmhor is tròcaireach.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò‐chridheach agus tròcaireach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Seall, tha sinn gam meas-san beannaichte a dhʼ fhuilig. Chuala sibh mu fhaighidin Ioib, us chunnaic sibh crioch an Tighearna, ʼs gu bheil an Tighearna iochdor us truacanta.