James 5:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
bu chòir fios a bhith aige gun sàbhail esan, a thionndaidheas peacach o iomrall a shlighe, anam‑san o bhàs agus gum falaich e mòran pheacaidhean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Biodh fhios aige, an duine a dh’iompaicheas peacach o sheachran a shlighe, gun saor e a anam o bhàs, agus gum falaich e mòran pheacaidhean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Biodh fhios aige, an duine a dh’iompaicheas peacach o sheachran a shlighe, gun saor e a anam o bhàs, agus gum falaich e mòran pheacaidhean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Is còir fios a bhith aige, gun sabhail esan, a tha ʼna aobhar tionndadh a pheacaich bho iomrall a shlighe, ʼanam bho ʼn bhàs, ʼs gum falaich e moran pheacannan.