John 11:44 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thàinig esan a bha air bàsachadh a‑mach, a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach‑mhairbh, agus bha aghaidh air a suaineadh le clò‑aodainn. Thuirt Ìosa riutha, “Fuasglaibh e, agus leigibh leis falbh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàinig esan a bha marbh a‑mach, agus a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach-mhairbh: agus bha a aghaidh ceangailte mun cuairt le nèapaigin. Thubhairt Iosa riu, Fuasglaibh e, agus leigibh leis imeachd.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàinig esan a bha marbh a‑mach, agus a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach‐mhairbh: agus bha a aghaidh ceangailte mun cuairt le nèapaigin. Thubhairt Iosa riu, Fuasglaibh e, agus leigibh leis imeachd.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us ghrad-thainig esan a bha marbh a mach, a chasan ʼsa lamhan ceangailte san aodach-mhairbh, agus aodann air a suaineadh le neapaicin. Thuirt Iosa riu: Fuasglaibh, agus leigibh as e.