John 11:54 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin cha do choisich Ìosa tuilleadh gu follaiseach am measg nan Iùdhach, ach chaidh e às a sin dhan sgìre a bha faisg air an fhàsach, gu baile ris an canar Ephraim, agus an sin dh'fhuirich e còmhla ri a dheisciobail.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air an adhbhar sin cha d’imich Iosa nas mò gu follaiseach am measg nan Iùdhach; ach chaidh e as a sin do dhùthaich làimh ris an fhàsach, gu baile ris an abrar Ephraim, agus an sin ghabh e còmhnaidh maille ra dheisciobail.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air an adhbhar sin cha d’imich Iosa nas mò gu follaiseach am measg nan Iùdhach; ach chaidh e as a sin do dhùthaich làimh ris an fhàsach, gu baile ris an abrar Ephraim, agus an sin ghabh e còmhnaidh maille ra dheisciobail.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
As leth sin cha robh Iosa a triall gu follaiseach tuilleadh am measg nan Iudhach, ach chaidh e gu duthaich teann air an fhasach, gu baile ris an abrar Ephrem, agus thamh e an sin maille ri dheisciopuil.