John 12:35 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt Ìosa riutha, “Tha an solas nur measg airson ùine bhig fhathast. Coisichibh cho fada 's a tha an solas agaibh, airson 's nach beir an dorchadas oirbh. Oir an neach a tha a' coiseachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a' dol.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Uime sin thuirt Iosa riu: Car uine bige fhathast, tha an solus ʼnur measg. Gluaisibh fhad ʼsa tha an solus agaibh, los nach beir an dorchadas oirbh; oir am fear, a tha g-imeachd san dorchadas, cha n-eil fhios aige cean a tha e dol.