John 14:12 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a chreideas annamsa, nì esan cuideachd na h‑obraichean a tha mise a' dèanamh. Agus nì e obraichean nas motha na iad seo, a chionn 's gu bheil mise a' dol chun an Athar.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam‐sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Mur eil, creidibh as leth nan oibrichean fhein. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: esan a chreideas unnamsa, na h-oibrichean a tha mise dianamh, ni esan iad mar an ciadna, agus nas mua na iad sin ni e: a chionn gum beil mi dol gu mʼ Athair.