John 15:19 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nam b' ann dhen t‑saoghal a bha sibh, ghràdhaicheadh an saoghal sibh mar a chuid fhèin. Ach a chionn 's nach eil sibh dhen t‑saoghal, ach gun do thagh mise sibh a‑mach às an t‑saoghal, air sgàth sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Nam bʼ ann dhe ʼn t-saoghal sibh, bheireadh an saoghal gaol dha mhuinntir fhein: ach bho nach eil sibh dhe ʼn t-saoghal, ach gun do thagh mise sibh as an t-saoghal, air son sin tha fuath aig an t-saoghal oirbh.