John 15:24 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mura bithinn‑sa air na h‑obraichean a dhèanamh nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh iad ciontach de pheacadh; ach a‑nis chunnaic iad, agus dh'fhuathaich iad an dà chuid mise agus m' Athair.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Mura bithinn-sa air dèanamh nan obraichean nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad araon mise agus m’Athair.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Mura bithinn‐sa air dèanamh nan obraichean nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad araon mise agus m’Athair.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Mur bithinn-sa air oibrichean a dhianamh ʼnam measg nach dʼ rinn duine air bith eile, cha bhitheadh peacadh aca: ach a nis chunnaic iad, agus thug iad fuath dhomhsa mar-aon us dha mʼ Athair.