John 15:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn dhan ghèig toradh a ghiùlain uaipe fhèin mura fan i anns an fhìonan, cha mhotha as urrainn dhuibhse mura fan sibh annamsa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn a’ gheug toradh a thoirt uaipe fhèin, mura fan i anns an fhìonain, cha mhò as urrainn sibhse, mura fan sibh annamsa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn a’ gheug toradh a thoirt uaipe fhèin, mura fan i anns an fhìonain, cha mhò as urrainn sibhse, mura fan sibh annamsa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fanaibh unnamsa: us mise unnaibhse. Mar nach urrainn do ʼn mhiar meas a thoirt a mach bhuaipe fhein, mur fan i san fhionan, mar sin cha n-urrainn duibhse, mur fan sibh unnamsa.