John 15:6 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeil a‑mach mar ghèig agus a' crìonadh; agus tha iad gan cruinneachadh, gan tilgeil dhan teine agus gan losgadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Neach nach fan unnam-sa, tilgear a mach e mar mhiar, agus seargaidh e, agus trusaidh iad e, us tilgidh iad san teine e, agus loisgidh e.